Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Taghaidhean Aimeireaganach

Ghabh na Deamocrataich mòr-chuid ann an Taigh nan Riochdairean sna taghaidhean meadhan-teirme anns na Stàitean Aonaichte. Tha sin a' ciallachadh gun cuir iad smachd ma thogras iad, gu ìre, air cuid de phlanaichean a' Chinn-Suidhe Trump. Neartaich na Poblachdaich iad fhèin anns an t-Seanadh.

Dùn Dè

Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, gun do dh'aontaich a' chompanaidh thaidhrichean Michelin bruidhinn ris a dh'aithghearr mun bhuidhinn-ghnìomha a tha esan a' stèidheachadh ann an Dùn Dè. Tha Michelin a' dùnadh na factaraidh aca ann an Dùn Dè an ceann dà bhliadhna, le call 845 cosnadh. Thuirt Derek MacAoidh gun do dh'iarr e cuideachd air Iomairt na h-Alba plana a dhealbh do làrach Mhichelin anns a' bhaile.

Sluagh-obrach

Tha dragh air buill ann am Pàrlamaid na h-Alba gun toir sluagh obrach a tha a' sìor fhàs nas sine agus a' crìonadh droch bhuaidh air ionmhas na dùthcha. Tha Comataidh an Ionmhais aig Holyrood, ann an aithisg mus bi Buidseat na h-Alba ann, a' faighneachd a bheil structar an ionmhais air chomas dèiligeadh ri sin aig àm nuair a tha eòlaichean den bheachd gum bi sluagh-obrach a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte a' fàs.

Brexit

Bheir àrd-oifigich air feadhainn de na companaidhean as motha ann am Breatainn comhairle air a' Phrìomhaire mu rudan a bheir buaidh orra aon uair 's gum fàg an Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach. Thuirt Sràid Downing gum bi iad a' dèanamh mholaidhean airson leudachadh agus fàs an dèidh Bhrexit.

Tuathanachas Èisg

Thug Buidheann Dìon na h-Àrainneachd an Alba, SEPA, atharrachadh air dòighean-obrach ann an gnìomhachas an tuathanais èisg. Tha dragh ann an dèidh ath-sgrùdaidh gu bheil stuthan ceimigeach airson cur às do mhialan mara a' toirt buaidh nas miosa na bha dùil air àrainneachd na mara. Tha SEPA ag ràdh gu bheil cunnart ann do thuathan bradain gum feum feadhainn dhiubh dùnadh no gluasad gu uisge nas doimhne.

Taobh Sear Rois

Tha dragh ann mu chòrr is 50 cosnadh aig factaraidh bìdh-èisg ann an Inbhir Ghòrdain. Tha a' chompanaidh Nirribheach dham buin e, Skretting, am beachd sgur den obair gu lèir anns an Rìoghachd Aonaichte. Agus thuit luach £11m far na companaidh Edinburgh Salmon, a tha a' giollachd bhradan ann an Inbhir Pheofharain. Tha dùil ri co-dhùnadh ro dheireadh na mìos seo am bi an t-ionad sin ann an Inbhir Pheofharain a' fuireach fosgailte. Tha 163 cosnadh làn-ùine an sin, agus deich pàirt-ùine.