Moladh do lioft-shèithrichean dhan Chàrn Ghorm

Rèile-beinne Image copyright Getty Images
Image caption Tha teagamhan ann nach bi an rèile-beinne air an làraich idir a' ruith tron ghearamh seo.

Tha sgrùdadh a' moladh dà lioft-shèithrichean a leasachadh airson leudachadh a thoirt air na comasan aig ionad-sgìthidh a' Chàirn Ghuirm thar na 10 bliadhna romhainn.

Tha an rannsachadh a rinneadh le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean air nochdadh goirid às dèidh dha thighinn am follais gu bheil teagamhan ann nach bi an rèile-beinne air an làraich idir a' ruith tron ghearamh seo.

Tha dùil gun cosg na molaidhean an lùib an sgrùdaidh mu £27m.

A rèir an rannsachaidh, tha na goireasan air an raon-sgìthidh slaodach, mì-chomhfhurtail agus bidh aig daoine ri feitheamh ùine mhòr aig amannan.

Thathar a' moladh lioft-shèithrichean a stèidheachadh aig bonn a' Choir Chais.

Bhiodh comas aig an uidheamachd sin mu 3,200 neach a ghiùlain gach uair a thìde.

Trioblaidean teicnigeach

Bhiodh an dàrna lioft-shèithrichean ag amas air luchd-spòrs sneachda a thogail gu raointean eile air a' bheinn.

Tha an aithisg cuideachd a' moladh gum bu chòir dhan rèile-beinne, a tha dùinte an-dràsta ri linn trioblaidean teicnigeach, a bhith ag amas air daoine nach eil an sàs ann an spòrs-sneachda agus air luchd-ionnsachaidh.

Mar phàirt den oidhirp daoine a thàladh do na goireasan aig amannan eile sa bhliadhna, tha planaichean ann airson rolair-còrsair agus luath-uèir thairis air astar mòr.

Tha dùil cuideachd gun rachadh goireasan a chruthchadh do bhaidhseagalan-beinne.

Ach tha an aithisg cuideachd ag ràdh nach tèid ionad eile a thogail aig bonn na beinne neo barrachd ghoireasan togail ann an Coire na Ciste ri linn nan cosgaisean.