Comann nam Pàrant Steòrnabhaigh air fàire

Published

Tha cuireadh ga thoirt do dhaoine aig a bheil clann a tha a' faighinn oideachaidh tro mheadhan Gàidhlig Comann nam Pàrant a stèidheachadh ann an sgìre Steòrnabhaigh.

Bhiodh a' bhuidheann a' toirt a-steach nam bun-sgoiltean ann an Steòrnabhagh agus Lacasdail cho math ri Àrd-sgoil 'icNeacail.

'S e fear de dh' amasan a' chomainn foghlam Gàidhlig san sgìre a leasachadh.

Bidh a' choinneamh ga cumail aig Taigh-òsta a' Chounty ann an Steòrnabhagh aig leth uair as dèidh seachd oidhche Ardaoin 15mh den t-Samhainn.

Bidh oifigear bho Chomann nam Pàrant Nàiseanta, Magaidh Wentworth, an làthair airson mìneachadh mar as urrainn do na buidhnean ionadail taic a chumail ri daoine òga ann am foghlam Gàidhlig agus am pàrantan.