Fhuaireadh asbestos aig àrd-sgoil an Inbhir Nis

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Google

Chaidh na seòmraichean-obrach saidheans aig Acadamaidh Bhaile Theàrlaich a dhùnadh leis gun do lorgadh asbestos annta.

Chaidh an stuth a dh'fhaodadh a bhith cunnartach fhaighinn ann an duslach ann an roinn saidheans na sgoile as dèidh do dh'obair càraidh ann thar saor-làithean an Dàmhair.

Chaidh na rumanan a ghlanadh agus tha dùil gum fosgail iad a-rithist Diardaoin.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ga càineadh airson staid nan sgoiltean san sgìre.

Deuchainnean

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun d' fhuaireadh asbestos as dèidh draghan nochdadh mu dhuslach anns na deuchainnlainn aig an àrd-sgoil.

Às dèidh obair glanaidh nithear deuchainnean Diciadain feuch a bheil e sàbhailte leigeil le sgoilearan agus luchd-teagaisg na seòmraichean a chleachdadh a-rithist.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur e sàbhailteachd na cloinne agus an luchd-obrach an rud as cudromaiche dhaibh.

Thug am Ball-pàrlamaid Gàidhealach, Ceit Fhoirbeis, slaic air an ùghdarras ionadail roimhe air sgàth staid nan sgoiltean aca, agus i dhen bheachd gur iad an fheadhainn as miosa an Alba.