Còrr air 50 dreuchd gan call an Inbhir Ghòrdain

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Dùnaidh Skretting an fhactaraidh aca ann an Inbhir Ghòrdain.

Caillidh còrr air 50 duine an cuid obrach aig factaraidh ann an Inbhir Ghòrdain a tha a' giollachd bìdh airson tuathanasan èisg.

Thuirt Skretting, a' chompanaidh leis a bheil i, gu bheil iad a' tarraing à Breatann uile gu lèir.

Tha a' chompanaidh à Nirribhidh a' coireachadh staid margaidh nan tuathanasan èisg san dùthaich.

Thèid iarraidh air Riaghaltas na h-Alba oidhirp a dhèanamh co-dhiù cuid de na dreuchdan a ghlèidheadh.

Buille chruaidh

Tha Skretting air leigeil fhaicinn gum bi iad a' dùnadh a h-uile factaraidh a th' aca ann am Breatann.

A bharrachd air a' ghnìomhachas ann an Inbhir Ghòrdain, dùnaidh fear ann am Preston, taigh-bathair ann an Sealtainn agus a' phrìomh oifis aca an Norwich.

Caillear 100 dreuchd uile gu lèir.

Thuirt iad nach eil gnothach aig Brexit ris a' cho-dhunadh aca ach gu bheil cus farpais ann agus prìsean ìosal.

Tha an naidheachd a' tighinn agus Marine Harvest a' dèanamh deiseil airson factaraidh mhòr a bhios a' dèanamh biadh èisg fhosgladh ann an Caol Acainn.

Thuirt am Ball-pàrlamaid Gàidhealach Uaine, Iain Finnie, gur e buille chruaidh a tha ann do Thaobh Sear Rois.

Tha e ag iarraidh gun dèan Riaghaltas na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean an dìcheall taic a thoirt dhan sgìre agus dhan fheadhainn a chailleas an obair.