Fir an Taigh-dhealbh Bhig gan comharrachadh

Luchd-obrach a' chomainn Image copyright The Highlands and Islands Film Guild Project

Chruinnich daoine aig a bheil ùidh ann am fiolmaichean ann an Inbhir Nis Diciadain a chomharrachadh an obair a rinn "Fir an Taigh-dhealbh Bhig" a bhiodh a' dol mu chuairt Alba airson cothrom a thoirt do dhaoine ann an coimhearsnachdan beaga filmichean fhaicinn sna sgìrean aca fhèin.

Chaidh Comann Film na Gàidhealtachd 's nan Eilean a stèidheachadh às dèidh an dàrna cogaidh.

Do mhòran dhaoine ann an sgìrean dùthchail b'e na h-oidhcheanan a chaidh a chur air dòigh leis a' chomann a' chiad chothrom a bh'aca air film fhaicinn.

Tha an tachartas ann an Inbhir Nis a' comharrachadh deireadh pròiseict a mhair trì bliadhna mu obair a' chomainn a bha a' dol eadar 1946 agus 1971.

Pròiseact

Am measg na bha an làthair ann an Eden Court bha cuid dhen fheadhainn a bha a' siubhal mu chuairt le na filmichean.

Image copyright The Highlands and Islands Film Guild

Bha cothrom ann cuideachd sùil a thoirt air bhana Tojan leis a' chomann a bha Vic Gall a' cleachdadh ann an sgìre a' Ghearasdain.

Chaidh am pròiseact air obair a' chomainn, "Major Minor Cinema: Highlands and Islands Film Guild 1946 -71", a dhèanamh le Oilthigh Ghlaschu le taic ionmhais bho Chomhairle na h-Ealain sna Daonnachd (AHRC).

B'e an Dr Ian Goode, òraidiche film agus telebhisein aig an oilthigh, a bha os cionn sgioba de luchd-acadaimigeach a bha ag obair air a' phròiseact.

Thuirt e gu robh iad dhen bheachd gum biodh e iomchaidh deireadh a' phròiseict a chomharrachadh le luchd-obrach a' chomainn agus an cuid teaghlaichean.

"Tha cuimhne mhath aig daoine fhathast air an t-seirbheis, ach thuige seo cha deach mòran a sgrìobhadh mu dheidhinn - a dh'aidhneoin agus g'eil àite aige ann an eachdraidh thaighean-dealbh na h-Alba agus Bhreatainn.

"Bha na fir a bha sin a' toirt seirbheis chudromach do choimhearsnachdan ionadail ann an àiteachan leithid sgoiltean no tallachan, aig àmanan ann an droch shìde," thuirt e.

Image copyright Roybridge Image Library

Chaidh leabhar ùr - Reel to Rattling Reel: Stories and Poems about Memories of Cinema Going - fhoillseachadh aig an tachartas cuideachd.

Anns an leabhar tha bàrdachd agus sgeulachdan a chaidh a thaghadh ann am farpais fhosgailte, a thuilleadh air dàin agus sgrìobhaidhean a chaidh iarraidh bho Aonghas MacNeacail, Christine De Luca, Caomhan MacNèill, Alison Miller agus Christie NicUilleim.

Bha Comann Film na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' faighinn taic ionmhais phoblaich agus bhiodh filmichean leithid Laurel and Hardy, Whisky Galore, James Bond aca, a thuilleadh air aithrisean naidheachd.

Ach chaidh an comann a thoirt gu ceann ann an 1971 ri linn telebhisean a bhith a' fàs nas bitheanta a dh'fhàg gu robh àireamh an luchd-amhairc air crìonadh.