Call aig companaidh bhradan an Inbhir Pheofharain

Published
image copyrightGoogle
image captionTha a' bhuidhean Aonadh Thai a' beachdachadh air an làrach aca ann an Inbhir Pheofharain a reic no a dhùnadh.

Thàinig air companaidh à Thailand luach faisg air £11m a thoirt far leabhraichean companaidh ghiollachd bhradan leotha air Ghàidhealtachd.

Tha Companaidh Bhradan Dhùn Èideann (ESCo), a tha stèidhichte ann an Inbhir Pheofharain, mar phàirt dhen bhuidhinn Aonadh Thai.

Tha Aonadh Thai an dùil am meur Albannach aca a dhùnadh neo a rèic.

Bu chòir gun tig co-dhunadh mun an sin ro dheireadh na mìos.

Cùmhnantan

Tha 163 duine ag obair aig an ionad ann an Siorrachd Rois agus bi suas ri 100 duine eile aca ag obair air cùmhnantan goirid nuair a tha an fhactaraidh trang.

Leis gu bheil barrachd bhradan air a' mhargaidh tha prìsean air crìonadh agus tha cùmhnantan a' dol gu companaidhean nas motha.

Chaidh aithris gu robh cùmhnant bho Pret-a-Manger am measg aon den fheadhainn a chaill iad.

Aig an aon àm tha prìs bhradan nach eil air a ghiollachd air a bhith caochlaideach, ach àrd sa chumantas, a' ciallachadh gu bheil e duilich do dh'ESCo prìs phrothaideach iarraidh airson a' bhradain acasan.

Call

Sheall cunntasan a chaidh fhoillseachadh aig prìomh oifisean Aonadh Thai, faisg air Bangkok, gu robh luach £11.7m ann am meur Albannach na companaidh aig deireadh an t-Sultain.

Ach rinn ESCo call de £13m sa chiad naoi mìosan dhen bhliadhna.

Tha sin suas bho chall de £3.3m sa chiad naoi mìosan de 2017.

San t-Sultainn dh'innis am meur Frangach a tha an urra ri obair Eòrpach Aonadh Thai gu robh iad a' tòiseachadh co-luadar 45 latha leis an luchd-obrach fhad sa bha iad a' sireadh companaidh a cheannaicheadh ESCo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo