Riaghailtean ùra airson tuathan èisg

Tuathanas èisg Image copyright PA

Dh'fhaodadh gu feum cuid de thuathanasan bhradan dùnadh leis gu bheil atharrachaidhean mòra air fàire a thaobh mar a tha an gnìomhachas air a ruith, a rèir buidheann faire na h-àrainneachd ann an Alba.

Tha Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba, SEPA, ag ràdh gu bheil am plana ùr aca a' dol a lùghdachadh an cron a tha an gnìomhachas a' dèanamh air àrainneachd na mara.

Rinn SEPA an rannsachadh as motha a rinn iad a-riamh air mar a tha gnìomhachas nan tuathanasan èisg air a ruith.

Fhuair an sgrùdadh gu bheil na stuthan ceimigeach a tha air a chleachdadh airson dèiligeadh ri mialan-mara a' toirt droch bhuaidh air an àrainneachd, a dh'fhaodadh maireachdainn nas fhaide na bhathas a' tuigse roimhe.

Làraich eile

Thèid bacaidhean ùra a chur an sàs san àm ri teachd agus dh'fhaodadh gum feum cuid a thuathanasan èisg gluasad gu làraich nas doimhne.

Cuirear buidheann ùr air dòigh a bhios a' cumail sùil air tuathanasan èisg agus thèid barrachd sgrùdaidhean a dhèanamh far nach eilear a' toirt rabhadh do chompanaidhean ro làimh.

Thuirt an gnìomhachas gu bheil iad a' cur fàilte air na riaghailtean ùra, ach tha buidhnean àrainneachd ag ràdh nach eil iad a' dol fada gu leòr.