Edinburgh Gaelic
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ionad Gàidhlig an Dùn Èideann?

6 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chruinnich còrr air deich duine fichead ann an Dùn Èideann an-raoir a bheachdachadh air ionad Gàidhlig sònraichte a stèidheachadh anns a' bhaile.

Bha taisbeanadh agus deasbad ann air dè seòrsa feum a th' air leithid de ghoireas agus dè an cruth a bhiodh air.

Tha an aithris seo aig Alasdair Mac Illinnein.