"An Leòn an Tìm"
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

"An Leòn an Tìm"

6 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mar phàirt den phròiseact "Pages of the Sea", rinn am Bàrd Cùirteach, Carol Ann Duffy dàn sònraichte air a bheil "The Wound in Time".

Chaidh tionndadh Gàidhlig a dhèanamh dheth le na bàird Rody Gorman agus Meg Bateman.

Cluinnear anns an aithris seo Meg a' leughadh an riochd Gàidhlig - "An Leòn an Tìm".

Ach an toiseach, dh'fhaighnich sinn dhith an do chùm iad ris a' chruth a chleachd Carol Ann Duffy fhèin - sin riochd Sonaid.

Tha an t-eadar-theangachadh ri fhaighinn an seo:

AN LEÒN AN TÌM

'S e 'n leòn an Tìm a th' ann. Fad linne, cha shlànaich

an làn le shalmadaireachd sheirbh e. Chan e an cogadh

gus crìoch a chur air cogadh ach àite-breith a' bhàis; uighean

meatailt a' diogadh, gan altram aig an talamh, a' chasgairt

ga gur às ùr. Ach ciamar a bhiodh os agaibhse, gu calma

a' seinn mar chreideamh, a' dol air bòrd nam bàtaichean?

Crìoch air Dia san àile phuinnseanach làn sgolban.

Bàrdachd ga tachdadh na fuil fhèin. Fairichidh sinn gum b' e

an gaol dhan tug sibh ur beatha; ceàrnagan nam bailtean nan tost,

a' feitheamh rin carraighean-cuimhne. Dè thachair an uair sin?

Cogadh. Is an dèidh sin? Cogadh. Is dè a-nis? Cogadh. Cogadh.

Dh'fhaodadh eachdraidh a bhith na sàl a' bualadh a' chladaich

oir chan ionnsaich sinn càil às ur n-ìobairt gun sgur,

is ur n-aodannan a' dol fodha eadar duilleagan na mara.

Sgrìobhte le Carol Ann Duffy