Iomairt airson monaidhean seilge a dhìon

Muirburn
Image caption Tha càineadh ga dhèanamh air cleachdaidhean mar fhalaisgear air oighreachdan seilge.

Chuir luchd-glèidhteachais iomairt air chois airson stad a chur air cleachdaidhean a tha a' dèanamh cron air mòintichean seilge nam beachd-san.

'S e Friends of the Earth, League against Cruel Sports agus a' bhuidheann chathrannais OneKind a tha air cùl na h-iomairt.

Tha iad ag iarraidh crathadh a thoirt air mar a thathar a' coimhead as dèidh mhòintichean far a bheil cearcan-fraoiche a' tighinn beò.

Tha geamairean a' cur as an leth nach eil iad ach ag amas air casg a chur air sealgaireachd nan eun.

Fàsach

Tha an luchd-strì, fon bhratach Revive Coalition, ag iarrraidh ath-sgrùdaidh air cleachdaidhean mar fhalaisgear, smachd cruaidh air iseanan agus beathaichean agus togail rathaidean agus slighean.

Tha iad a' cumail a-mach gu bheil an dòigh obrach sin air mòran de mhonaidhean na h-Alba fhàgail marbh, loisgte agus na fhàsach.

Ach tha Comann Gheamairean na h-Alba ag ràdh nach eil a' bhuidheann ach airson cur às do shealg nan cearcan-fraoiche.

Tha iad ag ràdh gun cailleadh na mìltean de luchd-obrach air an tuath obair.

Tha dùil ri sgrùdadh air mar a thathar a' coimhead as dèidh mhonaidhean seilge na dùthcha bho Riaghaltas na h-Alba as t-Earrach an ath bhliadhna.