Luchd-siubhail Loganair an-àirde gu mòr

Itealan Loganair
Image caption Plèanaichean Loganair cho trang 's a bha iad a-riamh eadar Leòdhas agus Tìr-mòr.

Tha Loganair ag ràdh gur e an Dàmhair am bliadhna a' mhìos a bu thrainge a bh' aca a-riamh le luchd-siubhail a' dol tro Phort-adhair Steòrnabhaigh.

Chan eil companaidh eile a' farpais riutha air na slighean as dèidh do Flybe tarraing a-mach às a h-uile seirbheis a bh' aca sna h-Eileanan Siar.

Tha e coltach nach eil na prìsean a' cur bacaidh air daoine bho bhith a' roghnachadh a dhol air a' phlèana.

Tha beachd ann gum feumar feitheamh gum faicear am bi Loganair comasach air prìsean a thoirt a-nuas.

An còigeamh cuid an-àirde

Thuirt Loganair gun deach mu 11,000 duine a-mach agus a-steach tro Phort-adhair Steòrnabhaigh san Dàmhair.

Tha sin an còigeamh cuid an-àirde an taca ris an aon àm an-uiridh.

Bha a' mhòr-chuid a' siubhal eadar Steòrnabhagh agus Glaschu ged a bha àireamhan nas àirde air na slighean a dh' Inbhir Nis agus a Dhùn Èideann.

Tha beachd ann gum faodadh gur e as coireach ris an àrdachadh gun robh am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann agus gun robh seòlaidhean Chalmac air an cur dheth grunn thursan.

Prìs nan ticeadan

Tharraing Flybe às na slighean an-uiridh agus chan eil ach Loganair a' tabhann còmhdhail adhair sna h-Eileanan Siar.

Tha an t-eòlaiche turasachd agus siubhail, Ailean MacCoinnich, ag ràdh nach eil cus coltais ann gu bheil prìsean a' cur daoine dheth.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e gu math duilich mura h-eil farpais ann airson faicinn na prìsean a lùghdachadh agus gu h-àraid ma tha iad a' faighinn an luchd-siubhail a' falbh aig na prìsean aig a bheil iad," mhìnich e.

"Tha mi a' smaoineachadh gum biodh e gu math duilich dhaibh a dhol a tharraing na prìsean sin sìos mura h-eil deagh adhbhar aca airson sin a dhèanamh," thuirt e.