50 dràibhear a' dol ro luath faisg air sgoiltean air a' Ghàidhealtachd

Published
image copyrightGetty Images

Chaidh còrr air 50 dràibhear a ghlacadh a' dràibheadh nas luaithe na tha ceadaichte faisg air sgoiltean air a' Ghàidhealtachd às dèidh shaor-làithean an Dàmhair.

Rinn na poilis deuchainean faisg air diofar sgoiltean - nam measg, Bun-sgoil an t-Tuilm, Bun-sgoil Loch Àrdail, Bun-sgoil Mùl Bhuidhe, Bun-sgoil Phol Lòchaidh agus Acadamaidh Inbhir Ghòrdain.

Tron t-seachdain chaidh rabhadh a thoirt do 36 dràibhear 'son a bhith a' dol aig astar ro luath, chaidh càin a chur air triùir agus chaidh aithrisean mu dhusan dhiubh a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Briseadh dùil

Am measg an dusain air an deach aithris a dhèanamh, bha triùir a' dràibheadh gu cunnartach 's iad a' siubhal aig astar a dhà uidhear na tha ceadaichte.

Chaidh aon duine a ghlacadh gun àrachas 'son a chàir.

Thuirt an Sàirdseant Gus Moireach gur e uallach dhan choimhearsnachd gu lèir mar a tha clann a' siubhal air ais is air adhart dhan sgoil.

"Tha dràibhearan a tha dol aig astar ro luath a' cur beatha nan sgoilearan ann an cunnart agus cha bu chòir gabhail ris an seo.

"'S e briseadh dùil a th' ann nach eil dràibhearan a' gabhail for air an ìre cheadaichte 'son dràibheadh faisg air sgoiltean agus cumaidh sinn oirnn a' dèanamh nan deuchainean seo aig sgoiltean air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan".