£1.5m ga chosg air Ionad Còmhdhail Uaine an Inbhir Nis

car and carpark Image copyright Highland council
Image caption An Comh Ailean MacEanraig, Dan Jenkins bho NHS Na Gàidhealtachd agus Fiona McInally bho Hitrans a' cur fàilte air an ionmhas ùr airson còmhdhail uaine.

Thèid còrr air £1.5m a' chosg air pàirce chàraichean Sràid Ròis ann an inbhir Nis a leasachadh gu bhith na ionad còmdhail uaine.

Bidh goireasan ann son baidhsagailean fhaighinn air màl agus àiteachan ann son 13 carbadan electroniceach agus thèid ionad nas bige a chur air bhonn aig Ospadal an Rathaig Mhòir.

Thathas a' cur air dòigh an sgeama airson daoine a bhrosnachadh an càraichean fhàgail aig an taigh, agus an àite sin a bhith a' coiseachd no a' cleachdadh baidhsagail.

Goireasan uaine

Bidh ìmpidh ga cur air dràibhearan càraichean nas uaine a chleachdadh.

'S e Còmhdhail Alba, NHS na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd is HITRANS a tha a' maoineachadh a' phroiseict.

Thuirt Cathraiche HITRANS, an Comh Ailean MacEanraig, gum bi an t-ionad mar àite far am faodar deuchainean a dhèanamh son goireasan uaine a bhrosnachadh.

Aig Ospadal an Rathaig Mhòir bidh barrachd rùm ann son baidhsagailean son luchd-obrach agus euslaintich, bidh club ann son càrbadan E, agus barrachd fiosrachaidh airson seirbheisean siubhail poblach.

Bidh an t-ionad aig Sràid Ròis mar phàirt de dh'iomairt nàiseanta aig Riaghaltas na h-Alba airson daoine a bhrosnachadh ann a bhith nas fhallaine agus airson an àrainneachd a dhìon.