A' chiad mhinistear boireann le Gàidhlig ann an Eaglais na h-Alba air bàsachadh

Rev Mairi Byres
Image caption Chlàr Màiri iomadach seirbheis is agallamh dha BBC Radio nan Gàidheal.

Bhàsaich an t-Urr Màiri Byers bho Eaglais na h-Alba aig deireadh na seachdain aig aois 85 bliadhna.

B'i a' chiad mhinistear boireann le Gàidhlig a bh' anns an eaglais stèidhichte.

Leig i dhith a dreuchd paraiste ann an Diùra ann an 1998.

Ach, gu 2014, bha i air a bhith gu math trang bho là gu là san sgìre far a robh i a' fuireach faisg air na Crìochan.

Rugadh is thogadh Màiri ann an Uibhist a Deas, agus b' e ministear a bha na h-athair, an t-Urr Calum Laing.

Thuirt an Dtr Fìor-Urr. Aonghas Moireasdan gur e bristeadh dùil a bh' anns an naidheachd gun do dh'eug Màiri.

"'S e ministear air leth dha Eaglais na h-Alba a bh' ann am Màiri.

"Bidh ionndrainn mhòr oirre agus tha truas againn dha a teaghlach agus a caraidean".