Coinneamh mu Ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann an Dùn Èideann

Edinburgh Image copyright PocholoCalapre
Image caption Tha Gàidheil a' Phrìomh-bhaile feumach air àite-cruinneachaidh.

Chaidh coinneamh a chumail ann an Dùn Èideann oidhche Luain mu ionad Gàidhlig a' stèidheachadh anns a' bhaile.

Chaidh mu dheich duine fichead dhan choinneimh, far an robh taisbeanadh romhpa agus deasbad ann air dè seòrsa feum a bhiodh air an leithid de ghoireas, agus dè seòrsa cruth a bu chòir a bhith air.

Bha'd a' beachdachadh air dè cho mòr 's a bu chòir dha bhith agus am biodh iad comasach air gach miann a th'aca a choileanadh.

Àite-cruinneachaidh

Bha Wilson MacLeòid bho Oilthigh Dhùn Èidinn am-measg na bha an làthair aig a' choinneimh agus thuirt esan, aig a char is lugha, gu bheil iad a' bruidhinn air àite-cruinneachaidh son coinneamhean is classaichean agus àite sòissealta, 's dòcha le cafe agus bùth-leabhraichean.

Tha Gàidheal Dhùn Èidinn air a bhith a' beachdachadh air leithid de dh'àite son iomadach bliadhna ach cha tàinig sian gu buil.

Tha cothrom air a bhith aca Taigh an Dorsair aig Bun Sgoil Taobh na Pàirce a chleachdadh son coinneamhean is classaichean ach le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' fàs anns a bhaile, tha Taigh an Dorsair a' fàs ro bheag dhaibh.

Le dùil ri bun-sgoil agus àrd-sgoil Ghàidhlig anns a' bhaile anns na bliadhnaichean a tha air thoiseach, tha àite-cruinnichidh a dhìth airson nan Gàidheal.

Lìonraidhean a' neartachadh

Bha Rob Dunbar aig a' choinneimh cuideachd agus thuirt esan gu bheil feum air àite far an cluinnear agus far am faodar Gàidhlig a bhruidhinn.

"Tha e cudromach na lìonraidhean a neartachadh. Bu chòir àite a bhith ann dha na sgoilearan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig a bhith ga cluinntinn, ga bruidhinn gu nàdarra leis an t-sluagh far am faod daoine a ràdh - tha àite sa bhaile mhòr seo dha na Gàidheil".

Thuirt neach-comhairle Ealain is Cultair aig Bòrd na Gàidhlig, Brian Ó hEadhra, a bha an làthair cuideachd, gu robh am Bòrd glè thoilichte gun robh an leithid a' tachairt 's gu robh misneachd air a shon.

Tha dùil aig a' bhuidhinn coinneamh eile a chur air dòigh son barrachd bheachdan a thrusadh, agus aon uair s' gu bheil plana meadhanach leasaichte aca, faodaidh iad beachdachadh air sgrùdadh a dhèanamh faic cho coltach agus a tha e gun gabhadh a thoirt gu buil.