QC gu bhith os cionn rannsachaidh neo-eisimeilich

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Dh'innis feadhainn a thog draghan bho thùs mu bhurraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd gur e QC a bhios os cionn an rannsachaidh neo-eisimeilich mun chùis.

Choinnich an ceathrar àrd-dhotairean ri àrd-oifigear NHS na h-Alba, Pòl Gray, ann an Dùn Èideann Diluain.

Tha casaidean de bhurraidheachd taobh a-staigh na seirbheis air sgaoileadh bho thog iad draghan an toiseach san t-Sultain.

Dhearbh Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, gum bi rannsachadh neo-eisimeileach ann mun chùis.

Thuirt na h-àrd-dhotairean às dèidh na coinneimh ri Mgr Gray Diluain gur e QC a bhios os cionn an rannsachaidh, seach duine sam bith bhon NHS.

Cothrom

Bha iad air iarraidh ro-làimhe gum biodh an rannsachadh gu tur neo-eisimeileach bhon NHS.

Dh'innis fear de na dotairean, an Dtr Iain Ceannadach, gur e coinneamh air leth feumail a bh' ann.

Thuirt e gun d'fhuair iad fìor dheagh èisdeachd, is gu bheil e den bheachd gun toir an rannsachadh cothrom do dhaoine innse mun bhurraidheachd a tha e ag ràdh a tha air a bhith a' dol air adhart aig NHS na Gàidhealtachd fad bhliadhnaichean.

Thuirt an Dtr Ceannadach gu bheil e cinnteach às gun tig barrachd dhaoine air adhart a-nis.

Tha cathraiche NHS na Gàidhealtachd, Dàibhidh Alston, ag ràdh gu bheil iad a' cur fàilte air "taic bhon taobh a-muigh" leis an rannsachadh, is thuirt e nach eil dad aig a' bhòrd-shlàinte ri chleith.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile