BBC Naidheachdan

Fiosrachadh ga shireadh mu ionnsaigh

Published

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu ionnsaigh ann an Inbhir Narann aig deireadh na seachdain.

Thachair an ionnsaigh mu 5.15f Dihaoine ri taobh an A96 sa bhaile.

Chuir feadhainn a bha a' siubhail ann an SUV airgead/liath stad air fireannach a bha a' coiseachd faisg air an Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte, is dh'iarr iad cuideachadh bhuaithe a thaobh iùil.

Thathas a' tuigsinn, às dèidh dhan duine cromadh a-steach dhan chàr, gun d'fhuair e sgleog na shùil.

Dh'fhalbh an càr an uairsin, a' tionndadh taobh Farrais.

Thuirt na Poilis gun robh an rathad trang nuair a thachair seo, is tha iad 'son cluintinn bho dhuine sam bith a bha san sgìre aig an àm.

Bu chòir fios a chur orra air 101 is le àireamh NM/3044/18 a thoirt seachad.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

  • Poileas Alba

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh