Albannaich Òga air soirbheachadh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Albannaich òga air soirbheachadh

5 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha deireadh-seachdain soirbheachail aig sgioba iomain na h-Alba Fo Aois 21.

Rinn na h-Albannaich òga a' chùis air Èirinn ann am Baile Atha Cliath.

Chrìochnaich an geama 6-7 (25) gu 1-10 (13) dha na h-Albannaich.

'S iad Iain Robinson (2), Roddy Young (2), is Fionnlagh Dòmhnallach is Alasdair MacMhaoilein a chuir na tadhail do dh'Alba.

Thug seo gu ceann sreath gheamaichean gu math soirbheachail do dh'Alba an aghaidh nan Èireannach ann an 2018.

Air a' mhìos seo chaidh, rinn fireannaich na h-Alba a' chùis air Èirinn is na boireannaich air soirbheachadh an aghaidh Bhaile Baile Atha Cliath.

Bhruidhinn Cara Coburn ri Iain Robinson.