Rabhadh mu theintean is cleasan-teine
- Air fhoillseachadh
Le ullachadh a' dol air feadh na dùthcha airson oidhche Guy Fawkes, tha Seirbheis Smàlaidh na h-Alba a' draghan a thogail mu shàbhailteachd.
Dh'iarr iad gum bi am poball faiceallach, is gun tèid urram a shealltainn do smàladairean.
Thuirt aon cheannard sioft ann an Alba gun robh teine dhan deach iad an-uiridh coltach ri a bhith ann am meadhan bhlàir.
Thuirt smàladairean eile gun deach cleasan-teine is clachan a thilgeil orra air oidhche Guy Fawkes.
Tha seo a' fàgail gu bheil Seirbheis Smàlaidh agus Teasargainn na h-Alba air iomairt ùr air a bheil #DoNotAttackMe a stèidheachadh.
Trang
Aig a' cheart àm, thathas a' cur ann an cuimhne dhaoine a bhith faiceallach air oidhche Guy Fawkes.
Thuirt manaidsear buidheann na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann an Seirbheis na Smàlaidh , Ricky Dibble, gur e àm trang dha-rìribh a tha seo dhaibh.
Dh'innis e gu bheil iad mar-thà air a dhol timcheall sgoiltean gus comhairle a thoirt do chloinn air sàbhailteachd theintean, ciamar a bu chòir cleasan teine a làimhseachadh, agus ciamar a bu chòir coimhead às dèidh pheataichean.
Tha Mgr Dibble a' comhairleachadh do dhaoine a tha an dùil a dhol gu teine oidhche Luain a dhol gu fear a tha air a chur dòigh sa bhaile neo sa choimhearsnachd.