Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

5 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tuarasdal bith-beò

Tha mu 180,000 duine a' faighinn pàigheadh nas motha bho an-diugh agus an fhìor thuarasdail bith-beò - an Real Living Wage - a' dol suas. Tha na mìltean chompanaidhean air gabhail ris an sgeama shaor-thoileach, far a bheil am pàigheadh as lugha stèidhichte air an t-suim a dh'fheumas duine ann an obair làn-ùine agus teaghlach airson bith-beò. Tha an t-suim a' dol suas gu £9 san uair agus £10.55 san uair ann an Lunnainn.

Casg-bhannan Ioranach

Thuirt ceann-suidhe Ioran, Hassan Rouhani, gun lean iad orra a' reic ola ri dùthchannan eile a dh'aindheoin nan casg-bhannan a chuir na Stàitean Aonaichte orra. Thuirt Corea a Deas an-diugh gu bheil iad air aon de dh' ochd dùthchannan a fhuair faochadh airson ùine bho na casg-bhannan sin. Bha an Ceann-suidhe Rohani a' bruidhinn air telebhisean na stàite ann an Ioran beagan uairean de thìde an dèidh dhan smachd-bhannan Aimeirigeach tòiseachadh.

Feachdan armaichte

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' dol a dh'ainmeachadh gum faod feadhainn à dùthchannan eile a dhol gu Feachdan Armaichte Bhreatainn. An-dràsta, feumaidh feadhainn à dùthchannan a' Cho-Fhlaitheis a bhith a' fuireach ann am Breatann airson còig bliadhna mas fhaigh iad cead. Tha ochd bliadhna ann bho bha cho beag de bhuill sna feachdan armaichte.

Casaidean burraidheachd

Tha ceathrar dhotairean a thog casaidean burraidheachd an aghaidh NHS na Gàidhealtachd a' coinneachadh ri ceannard an NHS ann an Alba an-diugh. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, an t-seachdain seo chaidh gum bu chòir rannsachadh neo-eisimeileach a bhith ann. Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach eil càil acasan ri a chleith agus gun cuir iad fàilte air beachdan sam bith bhon taobh a-muigh.

Gairm nan comhairlean

Tha na h- ùghdarrasan ionadail ag iarraidh àrdachadh de 2.5% anns a' bhuidseat Albannach air an ath-mhìos. Tha COSLA, a tha a' riochdachadh chomhairlean, ag ràdh nach eil roghainnean eile aig ùghdarrasan ionadail airson airgead a shàbhaladh. Dh' iarr iad cuideachd cead cìs na comhairle àrdachadh agus 's dòcha cìsean an leithid cìs tuarasdail ionadail a chur suas. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum biodh Rùnaire an Ionmhais deònach bruidhinn riutha mu chìsean ionadail.

Caolas a' Chorrain

Thèid moladh do chomhairlichean an t-seachdain seo bàta nas motha a chur air Aiseag a' Chorrain. Ged a tha iomradh ann air drochaid neo cabhsair eadar Loch Abar agus Àird nam Murchan uaireigin, tha an aithisg air am bi comhairlichean Gàidhealach a' beachdachadh Diardaoin ag ràdh gur e bàta eile, ri taobh an MV Corran a th' ann an-dràsta, an rud as coltaiche.