Seirbheis lìbhrigidh ùr dhan cheann a tuath

Parsail ga thoirt seachad Image copyright Getty Images
Image caption Gealltanas gun tèid lìbhrigeadh pharsailean ìsleachadh.

Tha companaidh Ghàidhealach a' tabhann seirbheis lìbhrigidh ùir dhan fheadhainn air an tuath air an tig cosgaisean àrda air sgàth a' chòd-phuist aca.

Tha Menzies Distribution air seirbheis ris an can iad Highland Parcels a chur air bhonn.

Cosgaidh e an aon phrìs, ge bì dè an seòladh a th' agaibh, parsail fhaighinn.

Fhuair rannsachadh a rinn Biùro Comhairleachaidh a' Phobail an-uiridh gu bheil luchd-còmhnaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' pàigheadh £15 a bharrachd sa chumantas air cosgaisean lìbhrigidh.

Peanas a' chòd-phuist

Am beachd na buidhne, tha còrr air millean duine an Alba a' fulang chosgaisean mì-chothromach bho chompanaidhean an leithid Ebay.

Fhuair iad gu bheil daoine sa cheann a tuath agus san ear-thuath a' pàigheadh co-dhiù 30% a bharrachd air lìbhreagadh an taca ri luchd-ceannaich ann an sgìrean eile.

A bharrachd air a' phrìs àrd bha cuid a' feitheamh cho fada ri 35 là airson stuth.

Chum Riaghaltas na h-Alba "àrd-choinneamh nam parsailean" an-uiridh airson deasbad mun dòigh as fheàrr piseach a thoirt air seirbheisean lìbhrigidh an Alba.