Moladh airson bàta-aiseig ùr a' Chorrain

An MV Corran
Image caption An MV Corran a' ceangal muinntir Àird nam Murchan ris an A82.

Thèid mar a ghabhas an ceangal a th' aig muinntir Àird nam Murchan thar Caolas a' Chorrain a ghlèidheadh san àm ri teachd a dheasbad le comhairlichean Gàidhealach an t-seachdain seo.

'S e soitheach ùr agus nas motha a bhiodh a' seòladh leis an tè a th' ann an-dràsta, an MV Corran, fear dhe na roghainnean airson na seirbheis.

Tha moladh ann cuideachd airson na lamraigean a leasachadh air gach taobh dhen chaolas às dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd measadh a dhèanamh.

Tha cuid sa choimhearsnachd ag iarraidh drochaid thar a' chaolais agus tha an roghainn seo san aithisg a thèid air beulaibh comataidh àrainneachd, leasachaih agus bun-structair Diardaoin.

Fuasgladh maireannach

Tha beachd ann gur e fuasgladh airson na h-ùine fhaide a tha a dhìth.

Tha Màiri Anna NicUalraig a' fuireach ann an Àrd Ghobhair.

"'S e am prìomh cheist dè tha a' dol a thachairt an ceann 20 neo 40 neo 50 bliadhna, agus feumaidh an còmhradh an sin a bhith a' leantainn an-dràsta aig a' cheart àm agus gu bheileas a' coimhead air co-dhiù sa chiad dol a-mach aiseag ùr agus nas motha a bhith againn an taca ris An Corran a th' againn," thuirt i.

Seirbheis deatamach

'S e ceangal stèidhichte fear de mholaidhean na h-aithisg.

Tha e na adhbhar dragh dhaibh nach eil ùidh aig Comhairle na Gàidhealtachd ann leis gu bheil iad ag gearain cion airgid.

"Chan eil iadsan a' coimhead ri drochaid," mhìnich i.

"A bheil an Riaghaltas?

"A bheil sinn a' coimhead air dòigh coimhearsnachd, chan eil e idir follaiseach."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile