Casaidean de bhurraidheachd fon phrosbaig

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Coinnichidh ceathrar a thog draghan bho thùs mu bhurraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd ri àrd-stiùriche Seirbheis na Slàinte ann an Alba Diluain.

Tha seo a' tighinn às dèidh do Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, iarraidh gun tèid rannsachadh neo-eisimeileach a dhèanamh air an t-suidheachadh.

Tha casaidean de bhurraidheachd taobh a-staigh NHS na Gàidhealtachd air sgaoileadh bho thog ceathrar àrd-dhòtairean draghan an toiseach san t-Sultain.

Aig coinneimh eadar àrd-dhotairean is ceannardan NHS na Gàidhealtachd an t-seachdain seo chaidh, bha taic mhòr ann airson rannsachaidh neo-eisimeilich.

Dreach

Às dèidh do chathraiche NHS na Gàidhealtachd, Dàibhidh Alston, a ràdh nach b' urrainn dhaibh a' chùis a sgrùdadh gun taic bhon taobh a-muigh, dh'innis Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, gum bi rannsachadh neo-eisimeileach ann.

Thuirt an Riaghaltas gum feumar dèiligeadh ri casaidean sam bith mu bhurraidheachd san àite-obrach.

Coinnichidh an ceathrar a thog na draghan bho thùs ri àrd-oifigear NHS na h-Alba, Pòl Gray, ann an Dùn Èideann Diluain.

Thuirt an Riaghaltas gun cuidich a' choinneamh seo ann a bhith a' beachdachadh air dreach agus farsaingeachd an rannsachaidh a bhios ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile