Portree
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Leasachadh san amharc aig cidhe Phort Rìgh

2 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Urras Coimhearsnachd Phort Rìgh is a' Bhràighe san Eilean Sgitheanach air planaichean fhoillseachadh airson ath-leasachadh a dhèanamh air caladh Phort Rìgh.

Am measg nam planaichean aca, tha dùil aig an Urras barrachd ghoireasan a chur ann dha luchd-turais, barrachd ghnìomhachasan a stèidheachadh air a' chìdhe, agus slighe a chur timcheall Mheall na h-Acarsaid.

Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid.