Boireannaich ann am bòtannan

Sanas

Tha iomairt a' dol air taobh sear na Gàidhealtachd airson boireannaich a bhrosnachadh a dhol an sàs ann an dreuchdan air a' bhlàr a-muigh.

'S iad Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a th' air cùlaibh "Boireannaich ann am Botannan", agus iad ag amas air boireannaich òga, agus boireannaich a tha ag iarraidh rudegin eile a dhèanamh leis a' bheatha-obrach aca, a dhèanamh mothachail air na th' ann de dh'obraichean air an fhearann.

Chaidh taisbeanadh a chumail aig Talla Choimhearsnachd Choit a' Ghartain Dimàirt an 30mh Damhair, le boireannaich a tha mar thà ag obair ann an àiteachas, coilltearachd, geamaireachd, cur-seachadan, glèidhteachas agus foghlam, ag innse mu dheidhinn na h-obrach a th' aca.

Image caption Bidh Megan Rowland a' sgrùdadh agus a' sealg fèidh.

'S iad fireannaich a tha a' dèanamh suas 74% den luchd-obrach ann an dreuchdan air an fhearann an Alba, a rèir fhigearan oifigeil.

Tha gainead dhaoine òga cuideachd a' dol a-steach gu obair air an fhearann.

Image caption Chaidh cuireadh a thoirt do bhoireannaich òga bho àrd-sgoiltean mun Mhonadh Ruadh a thighinn chun an tachartais ann an Coit a' Ghartain.

"Co-dhiù 's e àiteachas is croitearachd, geamaireachd, coilltearachd, glèidhteachas no cur-seachadan - agus a h-uile rud eile - tha sinn gu mòr airson barrachd bhoireannach òga fhaicinn a' beachdachadh air dreuchd air an fhearann," thuirt Oifigear Foghlaim agus Ion-Ghabhail Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta, Anna Fleming.

"Tha obair stèidhichte air an fhearann gu math cudromach do dh'eaconomaidh Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, agus seach gu bheil nas lugha de dhaoine òga a leantainn dreuchdan san roinn seo, tha sinne den bheachd gur dòcha gun gabh piseach a thoirt air an t-suidheachadh sin le bhith a' brosnachadh bhoireannach òga.

"Tha sinn dha-rìribh an dòchas gum bi boireannaich òga air am misneachadh 's am brosnachadh a bhith a' beachdachadh air obair air an tuath an dèidh Boireannaich ann am Botannan," thuirt i.

Image caption Chan eil boireannaich a' dèanamh suas ach 26% den luchd-obrach ann an dreuchdan air an fhearann an Alba, a rèir fhigearan oifigeil.

"Leis na tha na h-uimhir de chothroman inntinneach, cudromach agus buannachdail anns an roinn dùthchail, tha e a' sìor chur iongnaidh orm cho beag 's a tha na h-àireamhan de bhoireannaich a bhios ag obair ann an gnìomhachasan a tha stèidhichte air an fhearann," thuirt Jo O'Hara bho Choimisean na Coilltearachd Alba, a bha am measg na bhruidhinn aig an tachartas.

"Tha mise air cha mhòr mo bheatha obrach air fad a chur seachad ann an obair co-cheangailte ri manaidsearachd an fhearainn, agus tha mi airson 's gum faic boireannaich eile cho buannachdail agus farsainn 's a dh'fhaodas cothroman obrach air an tuath a bhith," thuirt i.

Image caption 'S iad Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a th' air cùlaibh "Boireannaich ann am Botannan".