Mì-thoileachas mu chìsean pàircidh Mhuile
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Mì-thoileachas mu chìsean parcaidh Mhuile

30 An Dàmhair 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha planaichean Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson cìsean parcaidh ann am Muile air tòrr mì-thoileachais adhbhrachadh air an eilean.

Tha raointean-parcaidh Mhuile an asgaidh an-dràsta, ach fon t-siostam ùr cosgaidh iad £1 airson gach uair de thìde.

A rèir nan eileanach, bheir seo buaidh gu h-àraid air feadhainn a tha ag obair air Tìr-Mòr agus a tha a' fàgail nan càraichean aca ann an Creag an Iubhair.