Rannsachadh poblach mu Mhachaire a' Chùil

Machaire a' Chùil Image copyright Craig Allardyce

Dh'fhaodadh gun tèid rannsachadh poblach a chumail tràth an ath-bhliadhna air plana gus raon-goilf le 18 tuill ann a thogail aig Machaire a' Chùil ann an Cataibh.

'S ann air dùintean gainmhich aig Eurabol, faisg air Dòrnach, a bhiodh mu 32 acaire den raon a tha san amharc.

Tha buidhnean glèidhteachais a tha a' cur an aghaidh an raoin ag ràdh gur dòcha gun tèid an rannsachadh poblach a chumail sa Ghearran, 's gum mair e còig seachdainnean.

Tha a' chompanaidh air cùlaibh a' phlana ag ràdh gun toireadh e piseach air na dùintean gainmhich, 's gun cuireadh e dìon orra.

Thuirt iad cuideachd gun cruthaicheadh e cosnaidhean san sgìre.

Tha buidhnean glèidhteachais leithid Glèidhteachas Dealain-Dè na h-Alba, Comann a' Ghlèidhteachais Mhara, Urras Nàiseanta na h-Alba, RSPB na h-Alba agus eile, ag iomairt na aghaidh.

Bhòt comhairlichean airson cead a thoirt dhan raon-ghoilf san Ògmhios, a dh'aindeoin 's mar a mhol oifigich na Comhairle gun deadh a dhiùltadh.

Dà mhìos an dèidh sin, ghairm Ministear an Dealbhachaidh, Caoimhin Stiùbhart, an t-iarrtas dealbhachaidh a-steach gus an toir an Riaghaltas sùil air.