Seann sgrìobhainnean gan taisbeanadh

Duilleag bho Làmh-Sgrìobhainn Ghleann Masain Image copyright Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
Image caption Mhair an làmh-sgrìobhainn ainmeil seo ann an Gleann Masain ann an Comhghall gu crìoch na 18th linn.

Leabhar Deathan Lios Mòir bhon 15mh Linn, An Illiad le Homer, ann an Gàidhlig, agus inneal bhon 16mh Linn a dh'innseas cuin a bhios a' Chàisg ann.

Dìreach cuid de na làmh-sgrìobhainean a bha ri fhaicinn aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba Diluain.

Bha iad mar phàirt de thaisbeanadh a chaidh a chur air dòigh airson Fèis Eadar-Nàiseanta nan Sgeulachdan a chomharrachadh.

Tha na leabhraichean a chaidh a thaisbeanadh cho prìseil agus nach deach an taisbeanadh ach airson 4 uairean de thìde.

Cruth Didseatach

"Bha sinn dìreach airson sealltainn do dhaoine na th' againn de làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig," thuirt Glèidheadair nan Làmh-Sgrìobhainnean Gàidhlig, Ulrike Hogg.

"Tha corra eisimpleir againn a tha gu math sean.

"Cho sean 's a tha iad, ach cho ùr 's a tha iad - gum faic thu fhathast gnothach mhic an duine annta.

"Tha aon làmh-sgrìobhainn, a tha mu dheidhinn sgrios bhaile Thebes, far an do chomharraich an sgrìobhaiche air iomall nan duilleagan, far am bàsaich daoine, le crois dhuibh.

"Bha sinn dìreach airson na làmh-sgrìobhainnean seo a thoirt beagan nas fhaisge air a' phoball - bhon faodaidh iad a bhith caran air an iomall, mar gun canadh tu.

"Gus am faiceadh daoine an coltas a th' orra, 's mar a tha iad fhathast gu math daonnda, agus a' bruidhinn rinn," thuirt i.

Image copyright Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
Image caption Thug Niall Mac Beathadh an saltair seo mar thiodhlaic do a mhac, Niall Òg, oileanach lèigh-eòlais ann an Ìle.

Nuair a dh'fhosgail an taisbeanadh beagan an dèidh 11:00m, bha daoine air a bhith a' feitheamh gu foghidinneach aig an doras airson faighinn a-steach.

Nam measg bha oileanaich bho Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann, a bha ann còmhla ris an òraidiche aca, Abigail Burnyeat.

"Tha sinn cleachdte ri bhith a' faicinn làmh-sgrìobhainnean air-loidhne. Tha a h-uile rud ann an cruth didseatach a-nis," thuirt i.

"Tha iad gam faicinn anns na clasaichean againn.

"Ach tha rud sònraichte mu dheidhinn an làmh-sgrìobhainn fhèin fhaicinn.

"Tha thu a' tuigsinn dè cho cudromach 's dè cho aosta 's a tha na làmh-sgrìobhainnean.

"Tha iad nam pàirt de dhualchas nan Gàidheal cho prìseil, 's cho inntinneach, agus 's e cothrom uabhasach math a th' ann dhaibh na làmh-sgrìobhainnean fhaicinn," thuirt i.

Am measg na chaidh a thaisbeanadh bha eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig de dhuan mhòr chlasaigeach Ghrèigeach, a chaidh eadar-theangachadh anns an 15mh Linn.

"'S e "best sellers" anns na Meadhan Aoisean a th' anns na sgeulachdan seo," thuirt Abigail.

"Nuair a chì sinn gun deach an eadar-theangachadh sa Ghàidhlig, chì sinn litreachas na Gàidhlig aig toiseach litreachas na Roinn Eòrpa aig an àm ud.

"Tha eadar-theangadairean Gàidhlig, agus an luchd-leughaidh aca, a' gabhail pàirt ann an cultar litreachail eadar-nàiseanta," thuirt i.

Image copyright Unspecified
Image caption Duilleag bho Leabhar Dheathan Lios Mòir a chaidh sgrìobhadh san 16mh linn agus a tha a' cleachadh aibidil neo-àbhaisteach.

Chaidh Leabhar Dheathan Lios Mòir a sgrìobhadh san 16mh Linn.

Tha e cho prìseil 's gun deach inbhe UNESCO a bhuileachadh air, agus mar as trice tha e glaiste ann an àite tèarainte san togalach.

Tha an leabhar a' toirt a-steach a' chruinneachaidh as sine de bhàrdachd Ghàidhlig an Alba, agus bha e ri fhaicinn anns an taisbeanadh.

'S e aois nan làmh-sgrìobhainnean as coireach nach fhacas iad Diluain ach airson 4 uairean de thìde.

"Feumaidh sinn an dìon rud beag," thuirt Ulrike Hogg.

"Cuid aca, tha inbhe thèarainteachd gu math àrd aca, 's chan fhaod sinn an cur a-mach airson ùine mhòir.

"Ach tha fàilte ro dhaoine a th' airson an leughadh anns na seòmraichean leughaidh againn.

"Tha fear aca ga chumail ann an ciste ghlaiste mar as trice, 's cha toir sinn a-mach e gu math tric.

"An fheadhainn eile, ri linn na h-aoise aca, agus na buaidhe a bheir an t-solas orra, tha sinn a' feuchainn ris an ùine a bhios iad a-muigh a chumail goirid," thuirt i.

Fhuair cuid briseadh dùil, tha fhios, gun cothrom fhaighinn na làmh-sgrìobhainnean fhaicinn Diluain.

Ach tha dòchas ann gun tèid taisbeanaidhean coltach ris a chumail aig an Leabharlann Nàiseanta san àm ri teachd.