"Buaidh mhòr" aig dùnadh rèile-beinne

Rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm Image copyright Walter Baxter/Geograph
Image caption Thathas a' sgrùdadh bun-stèidh na rèile às dèidh do luchd-einsinnìridh dragh a nochdadh.

Bidh buaidh mhòr aig rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm a bhith dùinte air an Aghaidh Mhòir air fad, a rèir fhir a bha an sàs ann an obair turasachd sa bhaile.

Nochd e nach eil a' chompanaidh Natural Retreats a tha a' ruith na rèile gu bhith a' tabhainn leasanan sgìthidh neo bòrdadh sneachda air a' Gheamhradh seo.

Thathas a' sgrùdadh bun-stèidh na rèile às dèidh do luchd-einsinnìridh dragh a nochdadh.

Tha iomagain ann nach bi an rèile, ris an canar cuideachd am funicular, a' dol fad an t-seusain.

"A' mhòr-chuid de na clasaichean sgìthidh tha iad a' gabhail àite aig an raon sgìthidh ris an canar an Tarmachan," thuirt Seumas Grannd.

"Agus cha ghabh sin a ruigsinn tron Gheamhradh ma tha am funicular dheth.

"Mar sin tha iad air innse dha na daoine a bhios a' teagasg sgìthidh nach bi feum aca orra air a' Ghreamhradh seo, agus na daoine a bha ag obair aig an taigh-bhìdh aig mullach a' funicular, tha iad air innse dhaibh nach bi feum aca orrasan.

"Agus mar sin bidh buaidh aig sin, dìreach air a h-uile rud a tha a' tachairt anns an sgìre cha mhòr," thuirt e.