MacAoidh "aig fìor àrd ìre"

Billy MacAoidh Image copyright SNS

Rinn co-mhanaidsear Ross County, Stiùbhart Kettlewell, moladh mòr air Billy MacAoidh às dèidh dhan fhear-aghaidh trì tadhail a chur an aghaidh Morton Disathairne.

Thàinig na tadhail air fad aig MacAoidh anns a' chiad 48 mionaid den gheama, is Davis Keillor-Dunn is Brian Greumach an uairsin le tadhail eile is County a' soirbheachadh 5-0 air a' cheann thall.

Tha seo a' fàgail gu bheil na Staggies fhathast aig mullach an Championship, puing air thoiseach air Ayr United.

Toileachas

Ach bha Kettlewell gu sònraichte toilichte le MacAoidh is am fear-aghaidh a-nise air 8 tadhail a chur anns na 4 geamaichean mu dheireadh aige.

"Cha robh ceist oirnn a-riamh mu Bhilly MacAoidh", thuirt Kettlewell.

"Bidh luchd-aghaidh uaireannan gann de mhisneachd, ach tha coltas air an-dràsta gur e fear-aghaidh aig fìor àrd ìre a th' ann, is tha sinn den bheachd gur e sin a th' ann", thuirt e.

Tha Caley Thistle fhathast gun chall san lìog ach bha feasgar car doirbh aca is iad a' crìochnachadh 0-0 ann an Alloa.

Ann an geama teann, 's ann aig Alloa a bha na cothroman a b'fheàrr.

Atharrachadh

"'S e deagh phuing a bh' ann dhuinn oir cha robh sinn airidh air dad a thoirt às a' gheama", thuirt manaidsear ICT, Iain Robasdan.

"Chum dìon math sinn sa gheama. Chan eil sinn a' cruthachadh mòran aig an aghaidh an-dràsta is 's dòcha gum feum sinn dreach na sgioba atharrachadh no coimhead air cluicheadairean eile", thuirt e.

Tha Inbhir Nis a-nise sa chòigeamh àite san lìog, seachd puingean air cùl Ross County.