Iomairt gus barrachd thidsearan fhaighinn

Classroom generic Image copyright Getty Images
Image caption Tha gainnead thidsearan na thrioblaid air feadh na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh air tidsearan a tha air an dreuchd a leigeil dhiubh beachdachadh tilleadh gu obair.

Tha an t-ùghdarras ionadail a' cur air dòigh cùrsa aon là ann an oidhirp daoine a thàladh air ais gu a bhith a' teagasg agus gainnead thidsearan air feadh na sgìre.

Bidh an cùrsa fosgailte do dhaoine a tha clàraichte airson a bhith nan tidsearan agus a tha a' beachdachadh tilleadh dhan dreuchd.

Thathas gu sònraichte ag amas air daoine a dh'fhàg an obair 'son ùine, daoine a leig an obair seachad ri linn an aois ach aig am biodh ùidh tilleadh, neo daoine a tha ùr san sgìre agus a tha airson cur a-steach airson dreuchd neo a dhol air an liosta de thidsearan air an tèid fios a chur nuair a tha feum orra.

Gainnead thidsearan

Thuirt manaidsar luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd, Anna Nic a' Phearsain, gun robh iad a' feuchainn ri dèiligeadh ri gainnead luchd-obrach ann an sgoiltean na sgìre.

''Tha sinn airson 's gum bi barrachd thidsearan ri fhaotainn air feadh sgìre na Gàidhealtachd.

''Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dèiligeadh ri sgìre gu math farsaing.

''Tha sinn a' lorg thidsearan an dà chuid airson bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean.

''Fiù 's nan deadh aca air dìreach là, neo dà là, a dhèanamh tron t-seachdain, bhiodh sin na chuideachadh mòr,'' thuirt i.

Thèid an cùrsa a chumail ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis air an 6mh den t-Samhain agus bidh cothrom aig an fheadhainn a thèid ann coinneachadh ri ceannard-sgoile, agus ri luchd-obrach eile, a thuilleadh air daoine eile aig a bheil ùidh tilleadh gu an obair.