Mì-thoileachas mu chìsean parcaidh Mhuile

Tobermory Image copyright Mary MacGregor

Tha mì-thoileachas mòr ann am Muile às dèidh do Chomhairle Earra Ghàidheal is Bhòid fhoillseachadh g' eil iad a' stèidheachadh cìsean parcaidh air an eilean.

Thuige seo, cha robh cosgais sam bith ann carbadan fhàgail sna h-àiteachan parcaidh ann an Tobair Mhoire, Creag an Iubhair agus Fionnphort.

Ach fon t-siostam ùr, cosgaidh e £1 gach uair a thìde do dhaoine a tha gan cleachdadh.

A rèir mhuinntir an eilein, bidh droch bhuaidh aig seo gu sònraiche air an fheadhainn a tha ag obair air tìr mòr agus a tha a' fàgail an cuid chàraichan ann an Creag an Iubhair.

Tha còrr air 1,500 neach air an ainm a chur ri ath-chuinge an aghaidh nam planaichean.