SpermWhale
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Muc-mhara air ùr-bhreith air tràghadh ann an Uibhist

26 An Dàmhair 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha e coltach gur e laogh a bha air ùr bhreith aig muc-mhara spùtach a th' air tràghadh air cladach ann an Uibhist a Deas.

Cha deach laogh dhan t-seòrsa-sa a tha cho òg a chlàradh a-riamh air cladaichean na Rìoghachd Aonaichte.

Le sin tha eòlaichean den bheachd gu robh muc-mhàra spùtach bhoireann gu math faisg air na h-Eileanan bho chionn ghoirid.

Chan àbhaist dhan fheadhainn bhoireann a bhith a' tighinn cho fada tuath.

Tha tuilleadh aig Shona NicDhòmhnaill.