6 leapannan eile ann an Ospadal Phort Rìgh - NHS

Buidheann-strì, NHS SOS
Image caption Chaidh buidheann-strì a chur air chois gus seirbheisean slàinte ann an ceann a tuath an eilein a ghlèidheadh.

Chaidh fàilte a chur air gealltanas bho NHS na Gàidhealtachd gum bi sia leapannan eile ann an Ospadal Phort Rìgh ron Chèitean seo tighinn.

Bheir sin an àireamh gu lèir gu 12, an dèidh ùine far nach robh anns an ospadal ach dà leabaidh.

Thuirt luchd-iomairt ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich gur e ceum mòr a bhiodh an seo a dh'ionnsaigh nam molaidhean neo-eisimeileach mu sheirbheisean slàinte an eilein a chur an ghìomh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad an dòchas molaidhean Shir Lewis Ritchie mu chùram èiginneach làn-ùine aig Ospadal Phort Rìgh a chur an sàs ron Chèitean.