Laogh muic-mara spùtaich air tràghadh an Uibhist

Laogh air ùr-bhreith aig muc-mhara spùtach
Image caption Cha deach creatair cho òg a-riamh a chlàradh air cladaichean na Rioghachd Aonaichte.

Tha e coltach gur e laogh air ùr-bhreith aig muc-mhara spùtach a th' air tràghadh air cladach Uibhist a Deas.

Cha deach creatair cho òg a-riamh a chlàradh air cladaichean na Rioghachd Aonaichte.

Tha eòlaichean den bheachd gun robh muc-mhara spùtach boireann gu math faisg air na h-eileanan o chionn ghoirid, chan àbhaist dhan fheadhainn bhoireann tighinn cho fada tuath.

Chan eil an laogh ach beagan is deich troighean de dh'fhaid, ged a tha e a-nis a' call a chraicinn.

Tha na làraichean bho mar a bha e paisgte sa mhachlaig fhathast soilleir, comharra nach eil fada bho rugadh e.

'S ann fireann a bha a h-uile muc-mhara spùdaich a chaidh a thraghad mu chladaichean na dùthcha thuige seo.

Chan eil eòlas air feadhainn bhoireann a' tighinn mòran nas fhaide tuath na iomall chladach a deas Shasainn.

Ach air adhbhar air choireigin feumaidh gun robh màthair an laoigh seo faisg air cladaichean Uibhist nuair a rugadh e.

Nì Sgeama Tràghadh Chreatairean Mara na h-Alba rannsachadh air a chorp a-nis, agus 's docha gun tig aca air innse ciamar a bhàsaich an laogh, agus co-dhiù a dheabhail e a mhàthair a-riamh.