'''S fheàrr taigh-beag làn seach taigh mòr falamh''

Taigh-beag

Cho-dhùin Comhairle na Gàidhealtachd grunn thaighean-beaga san sgìre a dhùnadh gus faisg air £500,000 a chùmhnadh.

Bha a' Chomhairle airson 29 taighean-beaga a dhùnadh sa chiad dol a-mach - rud a chuir an fhearg air mòran dhaoine.

Thàinig air an ùghdarras ionadail co-luadar poblach a dhèanamh.

Diardaoin, dh'aontaich comhairlichean dòrlach dhiubh a chumail fosgailte - ann an Achadh Mhealbhaich, An Gearasdan, An Luirg, Inbhir Narann, Uamh Smudha, An Ruigh Còinnich, An Tairbeart agus Inbhir Pheofharain.

Ach dùinidh an còrr dhiubh, neo thèid an reic, neo tha dùil gun gabh buidhnean sa choimhearsnachd thairis iad.

Cha robh agus chan eil muinntir Cheann Loch Biorbhaidh airson's gun dùin an taigh-beag poblach san sgìre acasan ge-tà.

Thuirt Mairead Meek bhon Chomhairle Choimhearsnachd nach eil iad a' dol leis a' cho-dhùnadh gun tèid an taigh-beag air a' chidhe a chleachdadh bho seo a-mach.

Dh'innis i: ''Chan eil e freagarrach airson a' phobaill''.

''Tha e suidhichte ann an àite far a bheil carbadan mòra a-mach agus a-steach. Tha e sleamhain fo d' chois''.

Tha an àireamh as motha de thaighean-beaga poblach san Rìoghachd Aonaichte ann an sgìre na Gàidhealtachd.