''Chan eil fianais de bhurraidheachd an seo''

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd nach eil fianais sam bith aca fhathast a dhearbhadh casaidean de burraidheachd anns a' bhuidhinn.

Ann am brath-naidheachd, thuirt iad gu bheil iad an dòchas coinneachadh ris a' cheathrar àrd-dhotairean, a tha a' togail dhraghan mu bhurraidheachd, an ath-sheachdain.

Tha na dotairean a' cumail a-mach gu bheil na ceudan thar cheudan, a tha ag obair san t-seirbheis shlàinte, a' gearain burraidheachd.

Dh'iarr fear de bhuill na Gàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba, Eideard Mountain, agus aonadh an GMB gun tèid rannsachadh neo-eisimeileach a chur air bhonn.

Ach oidhche Ardaoin, dh'innis bòrd na slàinte nach rachadh iad an sàs ann an sgrùdadh den t-seòrsa sin, seach nach eil sìon aca ri chleith.

Thuirt iad nach eil an rannsachadh aca fhèin ach a' togail air aon chasaid, nach robh an aghaidh tè neo fir shònraichte sam bith, agus gun robh sin fo sgrùdadh aca.

Tha iad a' cantail gu bheil e cudromach dhan a h-uile duine gun tèid fianais sam bith a sgaoileadh chionn 's gu bheil aithrisean ann gu bheil an leithid a' toirt buaidh air sàbhailteachd nan euslainteach.

Aig a' cheart àm, chan eil NHS na Gàidhealtachd fhathast air duine a lorg airson dreuchd an àrd-oifigeir a ghabhail.

Tha Elainte Mead an impis a dreuchd fhàgail aig deireadh na bliadhna.