Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Dàmhair 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sir Philip Green

Tha am morair Làbarach, am Morair Hain, a' sìor chumail a-mach gun robh dleastanas air-san Sir Philip Green ainmeachadh mar an fhear-ghnothaich a fhuair òrdugh cùirte gus nach biodh aithris anns na meadhanan air casaidean na aghaidh. Tha feadhainn a bha ag obair dha a' fàgail air Sir Philip gun robh e ri ionnsaighean drabasta 's gràin cinnidh, ach tha esan a' dol às àicheadh sin. Tha am Morair Hain a' faighinn an dà chuid càineadh agus moladh airson na rinn e.

An Creideas Coitcheann

Chaidh fàgail air Roinn na h-Obrach 's nam Peinnsean nach eil iad a' toirt feairt air fianais nach eil an Creideas Coitcheann ag obair mar a bu chòir. Tha Comataidh nan Cunntasan Poblach ag ràdh gu bheil an siostam shochairean ùra a' dèanamh cruadail, ach nach eil Roinn na h-Obrach 's nam Peinnsean ag aideachadh sin. Thuirt Ministear a' Chosnaidh, Alok Sharma, gu bheil an roinn ag èisteachd, agus gu bheil iad a' dèiligeadh ris na draghan a tha ag èirigh às an t-siostam ùr.

Khashoggi

Tha Ceann-Suidhe na Tuirce a' cur tuilleadh chuideim air Saudi Aràibia mu mhurt an fhir-naidheachd Jamal Khashoggi aig consalachd Shaudach ann an Istanbul aig toiseach na mìos. Thuirt Recep Tayyip Erdogan gum feum an Riaghaltas ann an Riyadh innse cò dh'òrdaich am murt, agus dè thachair dhan chorp.

RBS

Thàinig àrdachadh 14% air prothaidean Bhanca Rìoghail na h-Alba san treas cairteal den bhliadhna. Rinn am banca, a bhuineas fhathast gu ìre mhòir dhan Stàit, faisg air £450m anns na trì mìosan suas dhan t-Sultain, a dh'aindeoin agus gun deach £200m a chur an dàrna taobh mu choinneimh airgid dhìolaigh airson PPI.

NHS na Gàidhealtachd

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh nach d' fhuair iad fianais sam bith fhathast air burraidheachd anns an t-seirbheis. Thuirt am Bòrd Slàinte an-raoir gu bheil iad an dòchas coinneachadh an ath-sheachdain ris a' cheathrar àrd-dhotairean a thog na casaidean an toiseach. Agus tha e air tighinn am follais gu bheil e a' faileachadh air a' bhòrd àrd-oifigeach ùr a chur an àite Elaine Mead a tha a' fàgail a dreuchd aig deireadh na bliadhna.

Eastern Airways

'S e an-diugh an là mu dheireadh de sheirbheis Eastern Airways eadar Steòrnabhagh agus Obar Dheathain. Chan eil ann ach trì seachdainnean bho dh'innis a' chompanaidh gun robh iad a' sgur den t-seirbheis oir gun robh iad a' call airgid oirre. Tha ceannardan comhairle agus riochdairean poileataigeach nan Eilean a' gearain gum fàg sin cùisean doirbh do dh'fheadhainn às na h-Eileanan Siar a tha ag obair ann an gnìomhachas ola agus gas a' Chuain a Tuath.