Drònaichean teasairginn a-niste oifigeil

Dròn le Comann Teasairginn Adhair na h-Alba Image copyright SRAA-Scotland

Tha sgioba de phìleatan dròna air gabhail gu h-oifigeil ann an Seirbheis Teasairginn Bheanntan na h-Alba.

Tha seo an dèidh mar a thug Comann Teasairginn Adhair na h-Alba taic do dh'iomairt gus duine a bha a dhìth air taobh sear Lodainn a lorg san t-Sultain.

Goirid an dèidh sin, chaidh an comann na làn-bhall de Sheirbheis Teasairginn Bheanntan na h-Alba, an dèidh bhòt aig Coinneimh Bhliadhnail Choitchinn na Seirbheis.

A thuilleadh air mòran sgiobannan teasairginn ionadail, tha sgioba bhon RAF agus dà sgioba bho Chomann Chon Teasairginn na h-Alba nam buill den t-Seirbheis.

Chaidh carbadan adhair gun chriutha a chleachdadh grunn tursan ann an iomairtean teasairginn sna beanntan thairis air a' bheagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

Tha Sgioba Teasairginn Loch Abair am measg an fheadhainn a th' air na drònaichean a chur an sàs.