Fear-coiseachd air a lorg slàn sàbhailte

Heileacoptair nam Maor-Cladaich Image copyright Bristow Helicopters

Chaidh fireannach a bha a dhìth ann an Asainte thar na h-oidhche, a lorg slàn sàbhailte le sgiobannan teasairginn.

Chaidh an duine a lorg ann an sgìre Innis nan Damh.

Bha Sgioba Teasairginn Bheanntan Asainte, Heilecoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh, agus buill de Chomann nan Con Teasairginn Alba an sàs anns an iomairt gus lorg fhaighinn air.

Thuirt Sgioba Teasairginn Bheanntan Asainte gun do shoirbhich gu math leis na sgiobannan teasairginn a bha an sàs anns an iomairt.