Seirbheis adhair a' tighinn gu crìch

Eastern Airways

Thig an t-seirbheis adhair aig Eastern Airways eadar Steòrnabhagh agus Obar Dheadhain gu crìch Dihaoine.

Tha luchd-poileataigs ionadail air co-dhùnadh na companaidh a' chàineadh 's iad ag radh gum tig seo trom air eileanaich a tha ag obair ann an gnìomhachas na h-ola 's a' ghas.

Chan eil ach trì seachdainean ann bho dh'fhoillsich Eastern Airways gun robh iad a' tarraing a-mach às an t-seirbheis adhair eadar Steòrnabhagh agus Obar Dheadhain, 's iad ag ràdh nach robh e ag obrachadh dhaibh gu coimeirsealta.

Thàinig an naidheachd gun rabhadh, 's e a' faileachadh air a' chompanaidh co-chomhairle sam bith a chumail leis a' choimhearsnachd.

Chaidh a' chùis a thogail aig àm Cheistean a' Phrìomh Mhinisteir ann am Pàrlamaid na h-Alba le BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan.

A' toirt iomraidh air na duiligheadasan a dh'adhbhraicheas seo do dh'fheadhainn a tha ag obair sa Chuan a Tuath, dh'fhaighnich e do Nicola Sturgeon an robh an còrr ann a dh'fhaodadh an Riaghaltas a dhèanamh airson dìon a chur air seirbheisean adhair chun nan eilean.

Thuirt am Prìomh Mhinistear gun robh i a' tuigsinn carson a bha seo a' cur uimhir de dhragh air daoine, agus gun iarradh i air Rùnaire na Còmhdhail a dhol an sàs anns a' chùis a dh'fhaicinn a bheil dòigh ann airson an gnothaich a leasachadh.