Obair a' tòiseachadh aig an t-Sloc

An Sloc Image copyright Google
Image caption Tha mullach an t-Sluic 1,300t (396m) os cionn ìre na mara

Tòisichidh obair a' sgrùdadh na talmhainn aig an t-Sloc an ath-mhìos, mar phàirt den phròiseact gus an A9 air fad a dhèanamh dùbailte.

Mairidh an obair air an earrann sin den rathad chun a' Mhàirt 2019.

Dh'aidich Còmhdhail Alba gum bi an earrann seo den phròiseact "dùbhlanach".

Thuirt iad, leis gun tèid pàirt den obair air adhart air, air neo fàisg air an rathad fhèin, agus gus am bi an dà chuid luchd-obrach agus luchd-cleachdaidh an rathaid sàbhailte, gum feum iad siostaman stiùiridh trafaig a chur an sàs."

Thuirt iad gun cùm iad fios ri luchd-cleachdaidh an rathaid agus ri coimhearsnachdan faisg air làimh mun obair, agus gum feuch iad ri buaidh na h-obrach a lùghdachadh cho math 's as urrainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo