Rabhadh do luchd-coiseachd

Beanntan
Image caption Tha rabhadh ga thoirt do luchd-coiseachd gum feum iad a bhith air an uidheamachadh ceart

Tha rabhadh ga thoirt do luchd-coiseachd 's luchd-sreap gum feum iad a bhith ullaichte mu choinneimh dhroch shìde.

Tha Buidheann Sreap nam Beann ann an Alba a' toirt seachad na comhairle 's dùil ri sneachda air talamh àrd air an deireadh-sheachdain seo.

Bidh cuideachd an là a' fàs nas giorra leis na gleocaichean a' dol air ais uair de thìde.

Thuirt Heather Morning bhon bhuidhinn gum feum luchd-coiseachd a bhith mothachail gun toir e nas fhaide dhaibh coiseachd anns an t-sneachda, agus gum feum iad a bhith air an uidheamachadh ceart mus tèid iad a-mach air na beanntan.

B' fheudar dha sgioba-teasairginn Bheanntan a' Mhonaidh Ruaidh cobhair a dhèanamh Dimàirt air dithis luchd-coiseachd 's iad air a dhol a-mach gun chombaist neo mapa.

B' e seo an treas turas a thachair cùis mar sin bho chionn ghoirid.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile