Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Dàmhair 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

NHS

Dh'aidich Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, gu bheil ceistean ionmhais nan dùbhlan do sheirbisean slàinte ach, thuirt i gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh adhartais ann an cuid de roinnean. Bha ise a' bruidhinn an dèidh aithisg Bhuidheann Sgrùdaidh na h-Alba oifigeil a tha ag ràdh gu bheil atharrachadh bunaiteach a dhith mu choinneimh crìonaidh ann an seirbhis na slàinte agus gun do rinn an NHS nas miosa am-bliadhna na rinn iad an-uiridh ann an ochd roinnean san robh iad ag amas air adhartas.

Burraidheachd

Tha an t-aonadh GMB a' fàgail air ceannardan NHS na Gàidhealtachd gur ann a' gabhail truas riutha fhèin a tha iad nam freagairt do chasaidean mu bhurraidheachd. Thuirt bòrd an NHS gu bheil na casaidean a' deanamh sgaraidh san t-seirbheis is nach eil cothrom acasan dìon a chur orra fhèin. Tha an GMB ag ràdh gur ann a bu chòir dhan NHS taic a chur ris an iarratas 'son rannsachadh neo-eisimeileach agus gu bheil fianais gu leòr ann air burraidheachd nan togradh am bòrd-slàinte coimhead air a shon.

Debenhams

Tha Debenhams am beachd leth-cheud de na bùithtean aca a dhùnadh, a' cur mu cheithear mìle cosnadh ann an cunnart. Dh'fhoillsich a' chompanaidh call cha mhòr leth-bhillion not air a' bhliadhna. Tha ochd fichead 's sia stòr aig Debenhams air feadh Bhreatainn, sia deug dhiubh sin ann an Alba.

Iasgach

Thèid Bile Iasgaich ùr gu Pàrlamaid na h-Alba an-diugh a tha ag amas air tuilleadh chumhachdan a thoirt do Riaghaltas na h-Alba. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil am bile ùr gu math cudromach is an gealltanas gun gabh iad smachd a-rithist air uisgeachan Bhreatainn.

BBC

Tha buill-phàrlamaid ann a Westminster a' fàgail air a' BhBC nach eil co-ionnanachd ann am pàigheadh agus chothroman. Tha a' Chomataidh Thaighte 'son Ditisiteachd, Cultur, na Meadhanan agus Spors ag ràdh gu bheil cuid de bhoireannaich aig a' BhBC a' cosnadh fada nas lugha na tha fir anns an aon sheòrsa dreuchd. Thuirt am BBC gu bheil mòran den athaisg sin sean agus gu bheil cothromachd ann a-niste leis an atharrachadh a thug iad air structur a' phàighidh aca.

Fòram Chòmhdhail

Tha riochdairean nan Eilean Siar ann an Dùn Èideann an-diugh a' togail dhraghan mu na seirbhisean aiseig agus seirbhisean adhair. Tha iad a' faighinn an cothrom sin a dhèanamh nuair a thachras iad ri Ministeir nan Eilean, Pòl Wheelhouse, aig Fòram Còmhdhail nan Eilean.