Co-chomhairle mu chrathadh sheirbheisean ChnES

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Thuirt Ceannard na Comhairle gu bheil an suidheachadh ionmhais aca "dùbhlanach"

Cumaidh Comhairle nan Eilean Siar sreath choinneamhan an ath-mhìos 's iad a' sireadh beachd a' phobaill air mar a ghabhadh atharrachadh a thoirt air seirbheisean.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Ruaraidh MacAoidh, le cho gann 's a tha ionmhas nan comhairlean, gum feum iad na dòighean as èifeachdaiche a lorg air seirbheisean a thoirt seachad.

Thuirt e gu bheil iad a' cur romhpa faisg air £10m a shàbhaladh le bhith a' toirt crathadh air na seirbheisean aca, ach gu bheil cothrom ann gum bi aca ri barrachd na sin a chùmhnadh.

Dh'iarradh e beachd nan coimhearsnachdan air na seirbheisean a tha cudromach dhaibh, thuirt e, agus air dè na seirbheisean a dh'fhaodadh na coimhearsnachdan fhèin a thoirt seachad.

Co-chomhairle

Bidh na coinneamhan ann mar a leanas:

Diardaoin, 1mh là den t-Samhain ann an Sgoil Bhagh a' Chaisteil ann am Barraigh.

Diluain 5mh là den t-Samhain ann an Sgoil a' Bhac ann an Leòdhas.

Dimàirt 6mh là den t-Samhain ann an Ionad Rubha an Fhithich ann an Ceirseadar an ceann a deas nan Loch.

Diciadain 7mh là den t-Samhain ann an Sgoil Dhalabroig an Uibhist a Deas.

Diardaoin 8mh là den t-Samhain ann an seann sgoil Chàirinis ann an Uibhist a Tuath.

Diluain 12mh là den t-Samhain ann an Sgoil nan Loch ann an Leòdhas.

Dimairt 13mh là den t-Samhain ann an Sgoil Ùige.

Diciadain 14mh là den t-Samhain ann an Sgoil Lìonail ann an Nis.

Diardaoin 15mh là den t-Samhain ann an Sgoil an Taobh Siar.

Diluain 19mh là den t-Samhain ann an Sgoil Sir E Scott air an Tairbeart.

Diardaoin 22mh là den t-Samhain ann an Sgoil an Rubha.

Dimàirt 27mh là den t-Samhain ann an Sgoil Lacasdail.

Diciadain 28mh là den t-Samhain ann am Bun-Sgoil Steòrnabhaigh.

Bidh na coinneamhan uile ann bho 7:00f gu 9:00f.

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu na h-atharrachaidhean a tha gam moladh ri fhaighinn air làrach-lìn na Comhairle.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile