Dùnadh Sgoil Allt na h-Eirbhe ga chàineadh

Tha am BPA Gàidhealach Uaineach Iain Finnie ag ràdh nach bu chòir do Chomhairle na Gàidhealtachd a dhol air adhart le planaichean airson Bun-Sgoil Allt na h-Eirbhe ann an Cataibh a dhunàdh.
Tha an sgoil air a bhith falamh bhon Ghearran an-uiridh, agus chan eil clann òg anns an sgìre a dheadh innte.
Tha dùil gun tèid gabhail ri moladh an sgoil a dhùnadh gu foirmeil.
Thuirt Iain Finnie gum feum Comhairle na Gàidhealtachd a thoirt fa-near ge-tà, cho cudromach 's a tha sgoiltean ann am beatha choimhearsnachdan, agus gu bheil daoine nas dualtaiche a dhol a dh'fhuireach ann am bailtean far a bheil sgoil.
Thuirt e gu bheil grunn dhaoine air draghan a thogail leis-san mun bhuaidh a bheireadh e air an sgìre nan deadh an sgoil a dhùnadh.
Às dèidh coinneimh leis a' choimhearsnachd bho chionn beagan sheachdainean, thuirt tè de chomhairlichean na sgìre, Linda Rothach, gun deach a h-uile oidhirp a dhèanamh an sgoil a chumail fosgailte, ach nach gabhadh sin dèanamh le mar a bha àireamh na cloinne air crìonadh.