NHS na Gàidhealtachd "a' gabhail truas riutha fhèin"

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Thabhainn NHS na Gàidhealtachd coinneamh le na dotairean a thog draghan mu bhurraidheachd.

Tha aonadh an GMB a' fàgail air NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad "a' gabhail truas riutha fhèin" às dèidh mar a nochd grunn chasaidean de bhurraidheachd taobh a-staigh a' Bhùird Shlàinte.

Thuirt an fheadhainn a thog na draghan an toiseach an t-seachdain seo gu bheil 100 duine a tha ag obair anns an t-seirbheis air tighinn air adhart a-nis 's iad ag ràdh gun do dh'fhulaing iad burraidheachd.

Tha iad a' cumail a-mach gu bheil "cultar de dh'eagal" air a bhith ann fad co-dhiù 10 bliadhna.

Dh'iarr iad rannsachadh neo-eisimeileach airson a' chùis a rannsachadh.

Tha am Bòrd ag ràdh ge-tà, gu bheil NHS na Gàidhealtachd "ga reubadh às a' chèile gu poblach" - 's gun cothrom ceart a bhith aca-san na gearanan a fhreagairt.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad deònach coinneachadh ris na dotairean a thog na draghan.

Thuirt aonadh an GMB nach eil an dòigh anns a bheil am Bòrd Slàinte a' làimhseachadh nan draghan seo cuideachail, agus gur ann a bu chòir dhaibh taic a chur ris an iarrtas airson rannsachaidh neo-eisimeileich.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile