Ceistean mu sgeama haidro ùr an Loch Abar
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ceistean mu sgeama haidro ùr an Loch Abar

25 An Dàmhair 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt Bòrd Iasgaich Loch Abair gu bheil aig SSE ri ceistean a fhreagairt fhathast mun dòigh anns an obraich am pròiseact haidro ùr aig a' Choire Ghlas ri taobh Loch Lòchaidh.

Tha dragh air a' bhòrd gun toir e droch bhuaidh air stocan bradain agus bric.

Seo am pròiseact haidro as motha ann an Alba a-riamh agus dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd Diciadain nach cur iad an aghaidh an sgeama.

Ach tha iad ag iarraidh fhreagairtean air ciamar a ghabhas spruilleach a thoirt air falbh bhon làraich fhad sa thathas ga thogail.