Trèanadh iomain do'òigridh na Hearadh

Sgoil sir E Scott Image copyright Geograph - M J Richardson
Image caption Thèid a' chiad sheisean a chumail ann an talla-spòrs Sgoil Sir E Scott, 's dùil gum bi a' chuid as motha de na seiseanan trèanaidh stèidhichte anns na goireasan sin.

Air a' gheamradh seo tha cothrom nas fheàrr aig òigridh anns na Hearadh cur ris na sgilean iomain aca.

Mar phairt de phròiseact Iomain na h-Òige bidh sreath de sheiseanan trèanaidh ann.

Tha òigridh anns na Hearadh air a bhith a' faighinn trèanaidh ann an iomain 'son ùine mar-thà ach 's e leudachadh a tha seo air an trèanadh a gheibh iad.

'S e Sean MacLeòid bho Chamanachd Leòdhais an coidse a bhios ann.

Dùbhlan

Thuirt esan gu bheil iarrtas mòr air a bhith anns na Hearadh 'son iomain gu h-àraid.

Ach thuirt e: "mar phàirt den dùbhlan ro Iomain Cholmcille, 's e a bhith ag iarraidh sin a stèidheachadh tro mheadhan na Gàidhlig.

"Agus gu fortanach, tro chom-pàirteachas le Comann na Gàidhlig agus Jenna Chuimeanach shìos sna Hearadh, agus còmhla rinn fhèin aig Iomain Cholmcille, tha sinn a' tighinn air adhart le prògram an-drasta far am bi sinn a' cur a-steach beagan a bharrachd iomain sna Hearadh."

Tha ùidh mhor agus iarrtas mòr air a bhith ann 'son trèanaidh anns na Hearadh ach tha duilgheadasan air a bhith aca coidseachan a chur sìos do na Hearadh le cho fada 's a tha seasan na h-iomain.

Sgilean

Bidh na seiseanan ùra ag amas an toiseach air òigridh eadar clas 5 sa bhun-sgoil agus feadhainn air a' chiad bhliadhna san àrd-sgoil.

Thèid a' chiad sheisean a chumail ann an talla-spòrs Sgoil Sir E Scott, 's dùil gum bi a' chuid as motha de na seiseanan trèanaidh stèidhichte anns na goireasan sin.

Bithear a' toirt prìomhachais do Ghàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh spòrs agus cuideachd sgilean beaga a leasachadh gach seachdain.

Agus thathar an dòchas aig a' cheann thall gun tèid coidse iomain a stèidheachadh anns na Hearadh.

Cosgaidh gach seisean £2 agus bidh iad a' tòiseachadh Disathairne aig 10:00m.